Dun Eistean Archaeology Project Logo


To view the site in English click here.

Tha stac Dhùn Èistean air a shuidheachadh air costa ear-thuath Eilean Leòdhais air na h-Eileanan Iar na h-Alba. ‘S e daingneach thraidiseanta nam Moireasdanach a th’ ann, agus cheannaich Clann Mhoireasdan e aig toiseach an ficheadamh linn. Chithear tobhtaichean de dà thogalach mhòr agus grunnan thogalaichean cruinn ceangailte ri chèile am measg an fheur fhada air mullach an eilein. Tha loch bheag ann cuideachd a chaidh a dèanamh a dh’aon ghnothaich agus tha balla ìosal de sgrathan timcheall an làraich. ‘S e am pìos as sònraichte air an làrach cnap mòr cruinn de chlachan air a suidheachadh air a’ phìos as àirde den stac, air an oisean ear-thuath den làrach. Tha na togalaichean sin air fad air am faicinn san sgrùdadh cumadh-tire.

Bhiodh a h-uile càil air am biodh feum airson a bhith beò ri fhaotainn air an eilean oir bha bùrn aca bhon loch, agus bha iomadh togalach ann a bhithte a’ cleachdadh airson iomadh adhbhar, eadar àite airson stòr no airson cadal.

Bho thaobh àrc-eòlais agus eachdraidh bha na h-Eileanan Siar eadar-dhealaichte ri tìr-mhòr na h-Alba sna meadhain aoisean. Bha na h-Eileanan Siar a thaobh cultar nas coltaiche ri na dùthchannan Lochlannach agus bho mu AD 800 gu mu AD 1300 bha iad mar phàirt de Nirribhidh. Tha iomadh àite timcheall air costa Leòdhais agus na h-eileanan deas de na h-Eileanan Siar a tha coltach ri Dùn Èistean, cuid dhuibh a bha air an cleachdadh aig an aon àm. Tha cuideachd dearbhadh ann bho na h-àiteachan seo gun robh daoine annta rè Àm an Iarainn no eadhoin nas tràithe na sin, agus tha e gu math coltach gun tèid fianais thràth mar sin a lorg aig Dùn Èistean fon Dùn as ùire agus fo na toglaichean a bha air an togail le sgrathan.

An uair a chaill na Lochlannaich smachd phoilitigeach thairis air na h-Eileanan Siar san 13mh linn, thàinig cinnidhean cumhachdach am bàrr. Tha cuid de na sgeulachdan agus den bheul-aithris ceangailte ri Dùn Èistean, agus gu sònraichte ri nam Moireasdanaich agus Clann MhicAmhlaidh, a’ tighinn bhon àm bheothail agus bhorb seo ann an beatha Eilean Leòdhais.

Tha Dùn Èistean a-nis aig teis mheadhan pròiseact ioma-chuspaireach a tha a’ rannsachadh arc-eòlas agus eachdraidh Nis.

‘S urrain geàrr-chunntas de obair an pròiseact an àrd gu 2006 bhidh air a leughadh ann an seo.

Airson faicinn na lorgan de chladhadh 2007 theid gun duilleag leabhar latha.



Heritage Lottery Fund Logo Guard Logo Morrison Clan Logo Comhairle nan Eilean Siar Logo Historic Scotland Logo Ness Historical Society Logo